Call 07809 330 971

Callanish Farm Trust.

Urras Tac Chalanais is a company limited by guarantee and is governed by Memorandum and Articles. There are five directors serving on the Trust who are elected from the residents of the Calanais community with elections held every year.
It was formed in 2006, in anticipation of the handover of the farmland,to be the body responsible for management and development of the land on behalf of the Callanish Residents.

The objectives are to promote, assist and where appropriate participate in all types of development that will be of economic, educational,cultural, environmental,social or recreational benefit to the people of the Western Isles and in particular the people of the crofting township of Callanish. The Trust now have charitable status.

The latest UTC development involves the purchase of Camping Pods which are fully insulated, wooden construction measuring 4m x 2.5m x 2m high which will be located on the farmland along the shoreline to the west of the Pier and accessed by a 150m pathway linking them to the Pier car park & main road. Three pods will be used for accommodation and one pod will be converted into a washing up /WC / shower facility. The pod sites will require site preparation such a levelling uneven ground, laying down 3 railway sleepers to provide a foundation, anchoring points installed and providing mains power and water supply to the site.

The camping pods will accommodate locals and visitors and enable them to have a proper and dedicated site for an overnight or longer stay and also encourage a greater number of people to the area.  It will introduce Glamping (glamorous camping) to the area and provide a higher standard of service than just a tenting facility and the service will be provided where currently none of this type exists which will satisfy an identified demand. The project will enable local people and visitors to gain access to this area and get maximum enjoyment from the surrounding natural environment. A part-time post of site supervisor will be created to oversee day to day operations.

A community resource will be created, through sensitive development of the land with due regard given to the Standing stone vista and also the continued use by the residents of the area for livestock grazings. The project will provide a sustainable income stream for the group to allow reinvestment in the community facility and long-term social & economic benefits for the residents, preserve the unique culture and history of the area, and allow access for tourism, recreation, and educational purposes.

The site of the proposed Pods and its layout has now been finalised and the total project cost is £70,000 with the funding for this to come from various sources.  The funding package is now complete with grants being awarded by The Local Council ‘Tourism in the Community Fund’ for £20,000 , LEADER program for £33,969, Lottery Awards for All for £10,000, The Scottish Community Foundation for £2,000 and Comunn na Gàidhlig for £2,000. Financial contributions have also been received from Breasclete Community Association and Breasclete Community Council. We now await the outcome of the planning application.

Urras Tac Chalanais is pleased to announce that the Camping Pod site is now open and we would like to thank all the funding agencies, the contractor and all who supported us to fulfill our aim of establishing the Pod site.  It is a first for Calanais  and we are confident that it will bring long-term benefits. Why don’t you try it!

 

Fàilte gu Làrach-lìn Urras Tac Chalanais

Bu mhath leinn innse gu bheil na Podan Campachaidh againn deiseil airson luchd-tadhail. Gus bucadh agus fiosrachadh fhaighinn thigibh gu Làrach-lìn sònraichte nam Podan a tha sinn air a chruthachadh.

Is e companaidh earranta le barantas a tha ann an Urras Tac Chalanais a tha air a riaghladh le Meòrachan agus Artaigilean. Tha coig stiùirichean air an urras a tha air an taghadh bho choimhearsnachd Chalanais agus bithear a’ cumail thaghaidhean gach  bliadhna.

Chaidh a stèidheachadh ann an 2006, le sùil gun deigheadh an tac a thoirt dhan choimhearsnachd agus gum biodh an t-Urras an urra ri bhith a’ rianachd agus a’ leasachadh an fhearainn às leth muinntir Chalanais.

Is iad na h-amasan a bhith a’ cur air adhart, a’ cuideachadh le agus a’ com-pàirteachadh anns a h-uile seòrsa leasachadh a bhios gu buannachd muinntir nan Eilean Siar agus gu h-àraidh muinntir baile Chalanais bho thaobh eaconamach, cultarail, àrainneachail, sòisealta no cur-seachad. Tha inbhe carthannais aig an Urras a-nis.

Tha an leasachadh as ùire aig UTC a’ gabhail a-steach Podan Campachaidh a tha làn-dhìonach is air an dèanamh de dh’fhiodh de mheud 4m x 2.5m x 2m a dh’àirde a tha suidhichte air talamh an tac faisg air a’ chladach air taobh siar a’ chidhe le rathad 150m eadar iad fhèin agus pàirc-chàraichean a’ chidhe & an rathad mòr. Tha trì dha na podan air an cleachdadh mar àiteachan-còmhnaidh agus fear eile na ghoireas nighe shoithichean/toileat/frasadair. Chaidh làraich nam podan ullachadh agus an dèanamh rèidh agus 3 sliopairean-rèile an cur sìos fòdhpa mar bhun-stèidh agus àiteachan-acrachaidh agus airson cumhachd agus uisge.

Bidh na podan campachaidh feumail do mhuinntir an àite agus do luchd-turais oir bidh iad nan goireas iomchaidh agus sònraichte airson fuireach ann aon oidhche no nas fhaide agus brosnaichidh iad barrachd dhaoine a thighinn chun sgìre. Bidh e na dhòigh air Glampachadh (glamorous camping – sa Bheurla) a thoirt dhan àite a bhios na sheirbheis nas spaideil na dìreach a bhith ann an teanta agus cha robh a leithid ri fhaighinn chun seo ged a bha iarrtas ann air a shon. Bheir am pròiseact cothrom do mhuinntir an àite agus do luchd-turais a thighinn chun làraich seo agus an àrainneachd nàdarra mun cuairt a mhealtainn. Bidh obair pàirt-ùine air a stèidheachadh gus a bhith os cionn na h-obrach bho latha gu latha.

Bidh goireas coimhearsnachd air a chruthachadh tro leasachadh iomchaidh den làrach gu h-àraidh leis cho faisg ’s a tha e do na tursachan agus gu bheil na croitearan ionadail ga chleachdadh mar àite ionaltraidh dhan stoc. Bheir am pròiseact seo cothrom don bhuidheann teachd-a-steach seasmhach a bhith aige a dh’fhaodas iad a chur air ais dhan ghoireas coimhearsnachd agus airson buannachdan sòisealta agus eaconamach fad-ùine do mhuinntir an àite, dualchas agus eachdraidh ionadail na sgìre a ghleidheadh, cothroman a thoirt airson luchd-turais, cur-seachadan agus adhbharan foghlaim.

Tha plana nam podan agus an làrach a thathar a’ moladh a-nis air a bhith air a aontachadh agus cosgaidh am pròiseact air fad £70,000 leis an t-ionmhas air a shon a’ tighinn bho ghrunnan àite. Tha am maoineachaidh a’ tighinn bho Maoin an Ùghdarrais Ionadail ‘Turasachd sa Choimhearsnachd’ £20,000 , am prògram LEADER £33,969, Awards for All a’ Chrannchur Nàiseanta £10,000, Bunait Coimhearsnachd Alba £2,000 agus Comunn na Gàidhlig £2,000. Chaidh tabhartasan ionmhais fhaighinn cuideachd bho Chomunn Coimhearsnachd Bhreascleit agus Comhairle Coimhearsnachd Bhreascleit. Tha sinn a-nis a’ feitheimh ri co-dhùnadh an iarrtais dealbhachaidh.

Tha Urras Tac Chalanais toilichte innse gu bheil Làrach Campachaidh nam Podan a-nis fosgailte agus bu mhath leinn taing a thoirt do na buidhnean maoineachaidh air fad, an cunnradair agus a h-uile duine a thug taic dhuinn ann a bhith a’ coileanadh an amais a bha againn an làrach seo a stèidheachadh. Cha robh a leithid ann an Calanais chun seo agus tha sinn misneachail gun tig buannachdan fad-ùineach às. Carson nach fheuch sibh fèin iad!